Skip to main content

‹‹‹ prev (9) Page 9Page 9

(11) next ››› Page 11Page 11

(10) Page 10 -
10
do bhrigh gun robh e na shamhladli air timchioìl-
ghearradh a chridhe, nach 'eil air a dheanamh le
lamhaibh, ach le obair eifeachdaich an Spioraid anns
an daine an taobh a stigh. 'Nis nam biodh na h-
Iudhaich cosmhuil ris na Baistich, nuair a bha 'n tim-
chioll-ghearradh a fhuair iad nan naoidheanaibh air
a thoirt na dhiteadh nan aghaidh, air dhoibh a bhi 'g
i aoi san fhrìthealadh o'n taobh a muigh; gun
■■ ioirt fainear airni spioradail a bha e cumail am-
ach; theireadh iad cra mar is urrainn e bhi na dhiteadh
dhuinne, an ni a bha air a dheanadh oirn 's gun mhoth-
uchadh sam bi againn air? ach chaVeil sinn a leugh-
adh gun do rabhair a h-aon aca air an doigh so.
Ach their iad, ciod am maith is urrainn baisteadh a
dheauadh do naoidhein ? a cheart mhaith a dheanadh
an timchioll-ghearradh dhoibh. Agus tha Dia comas-
ach air beannuchadh a chomh-paìrteachadh. ri naoidh-
einibh airdoigh nach fhios dhuinne: uime sin 's eigin
gum bheii mor eifeachd anns gach ni a dh' aithn' esan,
ged nach urrainn daoine gearrsheallach so fhaicinn.
Cha b'urrainn na deisciobuiì fhaicinn na thuigsinn
ciod am feum a bhiodh air a dheanamh do'n chioinn
le teachd a dh' ionnsuidh Chriosd, agus mar so chron-
uich siad iadsan- a thug da ionnsuidh iad; agus air a
shon so, bha esan ro dhiombach dhiu. A nis gheibh
sinn gu bheil mor speis agus curam air an taisbeanadh
mu thimchioll cloinne leis an Tighearn, araon anns an
t-Seann Tiomnadh, agus anns an Tiomnadh Nuadh.
Am bheii ma ta ordugh sam bith aig cloinn fuidh linn
an t-soisgeil, an aite an orduigh a bha aca fuidh linn
an lagha? Nan eireadh do'n chuis a bhi mar so, cha
b'eagal nach gearaineadh na h-ludhaich air a ghnoth-
uch, ach cha'n'eil iomradh air a leithid so do ghearan
fad an Tiomnaidh Nuaidh; ged a tha ni na dha eile
air a thoirt fainear leo an aghaidh frithealadh an t-
soisgeiì, Nam biodh a chlann air an cuir air cul, cha
b'eagal nach togadh iad an guth na aghaidh; ach anns
an ni so cha robh aobhar aca, a thaobh gu'n d'thainig
ordugh eile an aite an timchioll-ghearraidh, a bha air
a fhrithealadh do chìoinn; araon do ? n chiann ghillean

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence