Skip to main content

‹‹‹ prev (32)

(34) next ›››

(33)
21
•Gur lionmhor lamh theoma
Aig Eoghann Loch-iall,
Fir cholganda, bhorganda,
'S oirdheirce gniomh,
lad mar thuilbheum air chorra-ghleus
'S air chon-fliadh. ro dhian
'Si mo dhuilse 'n am rusgadh
Nach diult sibh dol sios.
Clann-Mhuirich nach soradli
A chonspairn ud ial,
Dream fhuilteach gun mhor-chuis
Dha'n coir a bhi fial,
'Gur gaÌBgeil fior-sheolta,
Ar mor thionail chiad,
Ni sibh spoltadh air feolach
A stroiceadh fo 'n ian.
Tha Granndaich mar b' abhaist
Mu bliraidb uisge Spe,
Fir laidir ro-dhaicheil
Theid dan anns an streup,
Nach iarr cairdeas no fabhar
Air namhaid fo'n ghrein,
'S i n-ur làmhach a dh' fhagas
Fuil bhlàth air an fheiir.
Tha Frisealaich ainmeil
Aig seanachaibh nan crioch,
Fir gharbha ro chalma,
'Ur fearg cha bu shi ;
Tha Catanaich foirmeil
Si 'n armachd am miann,
'An cath gairbheach le 'r n-armaibh
A dhearbh sibh 'ur gniomh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence