Skip to main content

‹‹‹ prev (279)

(281) next ›››

(280)
2.32 The Fians.
thilg Fionn an dithis eile thar bord, 's thug e dhachaidh fear
nan cochladh craicionn. Choinnich a bhean e. " Seadh," ors'
ise, " thug thu dhachaidh e."
" Choimhhon mi mo ghealladh," ars' Fionn.
" Cha bheo e tha mi 'g aithneachadh," thuirt i.
Dh' imich iad thun a' chladaich, 's leig e f haicinn an corp
dh' i. Thog i a cheann air a glim, 's thuirt i :
" ' Dh' aithn 'n air a' dheud thu,
'S air a' chul cheutach chlannach,
'S firinn 's cha bhreug e
'Gur tu Ceudach Mac Righ nan Collach.' "
Dh' iarr i cead air Fionn fuireach an oidhche so aig a' chladach
mar bha i. Cha robh i ach uine ghoirid ann dar chunnaic i
dithis fhear thar tomhas tighinn far an robh i far a' chuain. 's am
fear a bhiodh air dheireadh tilgeil a 'chinn do 'n fhear a bhiodh
air thoiseach, 's an ceann 'dol air mar bhiodh e roimhe. Leis
an ionghnadh aghabh i thog i an claidheamh bh' aig Ceudach s
thuirt i, " C ar son nach deanainn an cleas beag ?" 's thilg i
an ceann deth 's fhuair i sin e beo slan mar dhealaich i ris.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence