Skip to main content

‹‹‹ prev (143)

(145) next ›››

(144)
96 The Fians.
Eas Ruadh.
Latha dar dhuinn air bheag sloigh
Aig Eas Roidh an eiginn mhall (i)
Chunnaic sinn seoladh air !ear,
Curach mbr agus bean ann.
Gu'n sheas sinn uile air an t-sliabh
Fionn nam Fian agus GoU
Ag amharc a churaich b' aille gniomh,
Bean da raimh a 'sgoltadli thonn.
Cha d' rinn i tamh ann 'na teachd,
Ghabh i cala sa phort ghna
Air teachd air tir aig an Eas
Do dh' eirich as maca mna.
B' ionnan dealra dhi 's do 'n ghrein
Bu chaoin a mein 's a dealbh
A nighinn thainig an cein
Do bha sinn fhein roimpe soirbh.
Thainig i gu pubull Fhinn
'S bheannaich i gu binn doibh,
Fhreagair Mac Cumhaill i ris
Gu cubhaidh dhi 's gu foil.
Dh' fhiosraich an righ bu ghlan fios
"Air d' fhaillte nighean ghlan ur,
Ach gu 'n innse tu gu beachd
Co fhreumh as an d' thaine tu.
" Brigh do thuruis as gach rod
A nighean og is aille dealbh,
An turns mu'n d' thainig tu 'n cein
Nach d' thoir thu dhuinn fein a dhearbh.
" Is nighean mi do Righ fo thuinn
Dh' innsinn duibh gu cruinn mo dhail
Cha-n 'eil tir m' an iadh a' ghrian
Nach d' iarr mi fein do laoich fhial."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence