Skip to main content

‹‹‹ prev (81)

(83) next ›››

(82)
6o A Bhean Tighe.
luath, luath, 's am burn luadh mu 'n teine, 's
chluinnte srannail na cuibhle, spreagail nan card,
diosgail na cuigealach 's surd na beart-fhighe
cian air astar. Dh' fheuch Bean an tighe mhaith,
mar b' fhearr b' urrainn di ri tamh a chur air an
upraid 's pailteas bithidh 'chumail riu gus 'm
faicear 's 'n cluinnteadh am fallus a' tuiteam bho
h-aodann le slad air an urlar. Ach cha chumadh
an domhan biadh riu, mar b' f haide 's an oidhche
thainig e 's ann bu mhotha dh' iarradh iad, 's cha
bu mhotha an obair na na dh' fheumadh iad. Aig
a 'mheadhon oidhche bha 'bhean-tighe choir
thun tuiteam le saothair obair. Dh' fheuch i
sin ri fear-an-tighe dhusgadh ach cha b' urrainn
dhith. Bha e co maith feuchain ri clach-
mhuilinn a charachadh, cha ghluaisadh 's cha
bhruidhneadh e, ge do chaireadh 's a ghlaodhadh
i fhathast ris. Nar dh' fhairslich e oirre 's nach
robh fhios aice de dheanamh i, smaontich i dol
air son comhairle gu sean duine ghc air a' bhaile.
Dh' fhag i 'chuideachd neo-thlachdmhor' aig a'
chuid mo dheireadh de'n deasacha' rinn i dhoibh,
shlip i mach 's rainig i an duine ghc 's dh' innis
i dha an dragh' bh' oirre 's mar nach duisgeadh
fear an tighe. Thug esan achmhasan dhi air
son a cion-mhothuchaidh ann a bhi'g iarraidh
cuideachaidh neo-shaoghalta, 's thuirt e rithe :
" Co fad 'sa 's beo thu na cur romhad, na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence