Skip to main content

‹‹‹ prev (407)

(409) next ›››

(408)
362 TUILLEADH DHUILLEAG
Flmair sinn ar tca 'an sin agus thug mise greis air
tarruing dhealbh. Bha 'n spèur cho bòidheach, choisich
sinn dhachaidh agus ràinig sinn an tigh aig fichead
mionaid an d^igh seachd. Cha ruig mi leas innse mu 'n
iomaginn a bh' oirnn ; ach dh' fheuch sinn ri cumail
oirnn fhèin. Cha robh aig bòrd na dinneir leinn acli
na mnathan uaisle.
Bha mise ag ùrnuigh gu dùrachdach air son mo
leinibh gaoil agus fadail orm air son tighinn an latha
màireach. Leugh mi an laoidh bhreagha aig Korner
" Gebet vor der Schlacht," " Vater, ich ruf e Dich " (" Au
ùrnuigh roimh 'n chogadh," " Athair, mo ghlaodh tha
riut "). B' àbhaist do m' chompanach gaoil a seinn gu
tric, cha b' urrainn domh m' inntinn a thogail bho 'n
Eipheit agus na bha ri tachairt a' màireach.
Diciadaoin, an treas latha dcug de mhìos
meadhoin an Fhor/hair.
Dhùisg mi gle thràth 's a' mhaduinn, bha 'n latha gu
math tròm dorcha. Ghabh mi mo shràid ghoirid agus
ghabh sinn ar tràth-maidne 's an tigh bheag. Fhuair
mi telegram ag ràdh gun do mhàrs an t-arm a mach an
raoir. Cha 'n urrainn domh staid mo chridhe innse !
Ghabh sinn gu ruig am bogha bòidheach a th' air a
chur suas air son tighinn dachaidh Leopokl, tha e aca
rud-eigin na 's dlùithe air tigh Middleton no 'bha càcli,
thill sinn a rithist do 'n tigh bheag 'us shuidh mise ann
a' sgriobhadh agus a' cur m' ainm ri pàipeirean agus
mar sin sios.
Fhuair mi tclcgram eile ag ràdh gu 'n robh an cogadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence