Skip to main content

‹‹‹ prev (382)

(384) next ›››

(383)
BHO M LEABHAR-LATHA. 341
Ely, Seanalair ronsonby, agus Mr Yorke air adhart 'an
carbacl eile agus bha Morair Haddington a' marcachd
fad an rathaid leinn. Ghabh sinn troinih ceann an iar
Dunbar agus bha mòran sluaigh a mach ann, agus thilg
mnathan - uaisle òg agus caileagan de bhadan fhlùr-
aichean oirnn, agus gu 'n do lion iad an carbad leòtha ;
chaidh sinn greis seachad air baile beag Belliaven, aig
Cnoc-na-dail bha romhainn na làn uidheam Ban-rìgh nan
gipsies, bha i a suas gu math an aois, agus bha cleòca
scàrlaid oirre agus neapaicin bhuidhe mu' ceann, bha fior
choltas a dream oirre. Bha te eile a bha ni b' òige
agus i fior dhorcha agus deise bheilbheid oirre agus
breacan-uachdair dearg 'us bha boireannach eile leatha.
Bha cotaichean dearga air na fir aca agus iad a' seall-
tuinn cho dorcha 's a chraiceann sheas iad air àite àrd
'us chrath iad a neapaiceanan ruinn. Cha b' iad an
fheadhain Albannach a bha 'n so ach au fheadhain
Shasunnach bho ISTorvvood.
Bha mòran sluaigh a mach aig na mùillean-pàipeir
an àm dhuinn dol seachad agus gu dearbli cha robh
baile beag na àite air an rathad anns nach robh iad a'
dùmhlachadh a mach 'g ar faicinn. Dh' fhàg sinn an
cnoc àrd ris an abrar Traprain Law ris an làimh chli
agus thionndaidh sinn ris an làimh dheis agus ghabh
sinn thar an Tyne agus a stigh gu pàirce àillidli Tyning-
hani àite Morair Haddington. Bha craobhan breagha
an so a rithist agus rathaidean a dh' ionnsuidh an tighe
fodh sgàile chraobhan faibhili, agus sycamore agus bha
aon sreath bhreagha ann de chraobhan cuilinn. Tha
mhuir ri' faicinn bho so ach cha bu leir dhuinne i ro

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence