Skip to main content

‹‹‹ prev (376)

(378) next ›››

(377)
BHO m' leabhar-latha. 335
nan tuathanach uasal bho Lothian an ear. Bha 'm baile
an òrdugh greadhnach agus e air a chumail anns an deadh
riaghailt. Bha mòran bhoghachan buadhacli suas aca,
agus sgriobhainean ro chaoimhneil orra uile, ghabh sinn
a stigh do 'n phàirce a tha air taobh beòil an tighe anns
au robh Morair Lauderdale a' fuireach bho sheann, tha
'm beagan a tha làthair de shean chaisteal Dunbar di-
reach mu choinneamh. 'S ann an sinn a thug Bothwell
Ban-rìgh Màiri 'na priosanach an dèigh Darnley bhi air
a mhort. Tha acarsaid làimh ris ach cha 'n 'eil i ach
beag. Ghabh sinn seachad air Cnoc-na-h-aire air ani
bheil sean tùr agus bha na gipsics an dèigh càmpach-
adh mu thiomchioll — thàinig iad bho Norwood agus
bha bhan-rìgh aca leòtha ; bha mòran de bhoireannaich
dhorcha bhreatha dhiùbh na 'n seasamh ri balla an
tùir, agus iad an deadh èideadh.
Chaidh sinn troimh bhailtean beaga Belhaven 'us
West Barns agus seachad air togalaichean mòra breagha
na' m muillean pàipeir. Thionndaidh sinn an dèigh
sin bhò 'n rathad mhòr aig an tigh cadh'-chliath 'n iar
aig Beil àite na Ban-mhorair Màiri Nisbet Hamilton — a'
phiuthar is sine aig mo bhan-charaid ghràidh a' Bhan-
mhorair Augusta Stanley — chaidh sinn seachad air an
tigh agus cha 'n 'eil air ach coltas gruamach ach tha
phàirce breagha. Ghabh sinn an deigh sin troimh
Belton àite Mhr Baird Hay agus direach air ais gu
Broxburn. Eàinig sinn dachaidh aig seachd uairean.
Bha driùchd tròm ann agus nadur de chiùchranaich
uisge mar gu 'm biodh e tighinn oirnn bho 'n mhuir, agus
cha bu leir dhuinn ni leis.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence