Skip to main content

‹‹‹ prev (366)

(368) next ›››

(367)
BHO m' leabhar-latha. 325
DUuain, an seachdamh latha dcug dc
mh'ios meadhoin an Fhofjhair.
Bha 'mhaduinn cho soilleir bhreagha 's gur ann a
shaoileadh neach gu 'ni b' e deireadh an t-shàmhruidh e.
Tha mo dheadh leabaidh fhein agam leam agus fhuair
mi fois cho mhath na h-uile h-oidhche bho na' thàinig
mi an so. An dèigh ar tràth-nòin thug mi greis a tar-
ruing dhealbh agus a cur dhaibhean orra. Chaidh nii
'mach aig deich mionaidean an deigh aon-uair-deug a
ghabhail sràid le Beatrais dìreach mar a rinn sinn an
dè, thionndaidh sinn ris an làimh dheis 'us chaidh sinn
a' shealltuinn air an tuathanachas agus air an àite sam
bheil eich carbaid na 'n luchd turais air an cumail.
'S 6 carbad mòr fosgailte a tha 'n so. Agus tha e
'ni bicheantas làn shiaigh ; tha e 'tachairt oirnne gach
maduinn an uair a bhitheas sinn ag gabhail ar sràid.
Ghabh sinn a rithist an deigh sin suas seachad air Talla-
dail far am bheil an sean duine 'fuireach, ris an robh
sinn a bruidhean Diardaoin. Chunnaic sinn e tighinn
as a charbad turais 's e air a thilleadh bho bhi 'n dè an
eagiais Gheàrrloch. Is aon de na Foirfìch innte e.
Bha triùir na cheathrar de chloinn bheag air dhroch
eudach na 'n suidhe 's na 'n seasamh mu 'n cuairt 'us
thug sinn briosgaidean doibh 'us aran 'us feòil as na bh'
againn air son ar tràth-nòin. Blia na meanbh-chuil-
eagan anabarruch geur, bha sinn air ar 'n itheadh leòtha.
Thill sin a stigh aig fichead mionaid roimh aon uair.
Thug mi greis air tarruing cuid dhe na seallaidhean
breaoha a chitear bho uinneag seòmar - na - dinneir,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence