Skip to main content

‹‹‹ prev (353)

(355) next ›››

(354)
31 4 TUILLEADH DHUILLEAG
ani Brùnach agus Frànnsaidh nan suidhe air a thois-
each agus ghabh sinn air adhart troimh choille ghiuth-
ais a bha lùbadh ri taobh an loch fad dhà ndiile air
adhart gu drochaid na Garbhaig, theirinn sinn bruth-
ach bho sin gu Slatairdail, agus dhirich sinn uchdach a
bha ris an Liimh chh uaithe sin. Tha na monaidhean
gu math ni 's isle 'an so agus iad mar gu 'm biodh iad air
an tilgeadh air a cheile cho neònach. Tha feur 'us rainn-
each 'us fraoch a' fàs suas ri 'n taobhan, agus creagan
gèura scorrach air na mullaichean aca.
Chaidh sinn seachad air lochan beag ris an abrar
Bad-na-sgallaig as am bheil Allt Chearraidh a ruith a
stigh do lochan beag eile. Tha 'n rathad a' lùbadh air
adhart 'an so glè choltach ris mar 'tha iad an Switzer-
Land, agus bruachan àrda cas air gach taobh dhe. Ghabh
sinn seachad air dha na trì easan a th' air a' Chear-
raidh 'an so, 's iad a' ruith troimh chreagan breagha
'us bruachan coiUteach mar gu 'm biodh iàd a' deanamh
rathaid a dh' aindèoin trompa. B' fhior do 'n Bhrùnach
a ràdh gun roljh an t-àite so coltach ri Gleann Feisidh;
ach nach 'eil ach frith-rathad an sin, agus nach 'eil ach
beul-àth a dol thar an uillt ann. Le sealltuinn air ais
bho so fhuair siun sealladh ciatach do Bheinn Eidh,
Ghabh sinn sios an gleann gu Dail-Chearraidh agus is
bòidheach an t-àite a th' aig an drochaid an so air an
rathad gu Geàrrloch 'us cnocan uaine coillteach ann.
Thill sinn a chionn e bhi cho fada 's an latha 'us ghabh
sinn an rathad air an d' thàinig sinn a mach, ràinig sinn
dhachaidh aig leth-uair an deigh seachd. Bha feasgar
gruamach fann dorchaann ach fhuair sinne a stigh mu 'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence