Skip to main content

‹‹‹ prev (351)

(353) next ›››

(352)
312 TUILLEADH DHUILLEAG
chliath idir air a bheulthaobh. Cha 'n eil ach balla
iosal mu 'n cuairt dhe 'n tigh agus e fosgailte air gach
taobh air son carbadan a leigeadh a stigh. 'S e tigh
beag grinn a th' ànn agus e air a dheadh airneiseachadh.
Tha dà sheòmar suidhe ris an làimh chli mar a theidear
a stigh tha sinn a gabhail ar tràithean anns an fhear
is motha agus na daoin'- uaisle 'g an gabhail 's an
fhear is higha. Tha seòmraichean beaga giè cldùmhar
mar a theidear suas staidhir ghoirid shocrach a tha
ris an làimh dheis. Tha an seòmar aig Beatrais ris an
làimh chli agus am fear aig a Bhrùnach direach mu
choinneamh ris an làimh dheis. Tlia trànnsa beag suas
tri cèumanan staidhreach as a' sin ; agus aig a' cheann
thall aige ris an làimh chli tha 'n seòmar suidhe beag
bòidheach agamsa agus tha e sealltuinn ris an loch 'us
ri Beinn Shoch agus ris an ratliad mhòr ; tha e gu math
làn leis na goireasan a thug mi leam. Tha mo sheòmar
cadail aig a' cheann eile agus tha dà sheòmar beag
anns a' mheadhoin aig Wihnore agus aig Anna.
An uair a ràinig sinn so chuaha sinn gun robli na
Euiseinich a' seisdeadh Plevna air an naothamli latlia,
agus gun do chuir iad an ruaig air buidheann de na
Turcaich le call nior. Lean an seisdeadli air an ath
latha agus blia Skobeloff an seilbh air na mullaichean.
(Ihaìjh mise mo dhinneir le Beatrais us leis a' Bhan-
diùc. Leugh a' Ban-diùc an deigh sin an cùnntas a th'
air a sgriobhadh mu bheatha Thiers. Fhritheil am
Brùnach dhòmhsa mar a b' àbhaist 'us thug e ghloinne
uisge 'g am ionnsuidh mar a chleachd e dheanamh.
Bha mi faireachdain fAè S"ith.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence