Skip to main content

‹‹‹ prev (348)

(350) next ›››

(349)
BHO m' leabhar-latha. 309
Bha 'n Ridire Coinneach MacChoinnich Triath
Ghearrloch agus a' Bhain-tighearna 'g ar coinneachadh
an so le 'n triùir chloinne — dà nihac agus nighean. Is
duine taitneach eireachdail e agus bha e 's an èideadh
ghàidhealach. Tha òighreachd mhòr aige ann so agus
's e fearann chlann Choinnich a tha mun cuairt an so
uile. Is piuthar a Bhain-tighearna aige do Bhau-nihorair
Granville agus tha i fior choltach rithe. Ghabh sinn ar
tca beagan an deigh so agus dh' iiraich i sinn gu mor.
An àite tionndadh gu Baile Dhuthaich bho Inbher-
Feòbhrain 's ann a ghabh sinn air adhart ris an làimh
chlì gu Srath-Feòthair a tha cho ainmeil agus cho
bòidheach le coille agus tighean grinne 'us bothain
bheaga thall 's a bhos ann ; chaidh sinn air adhart bho
sin troimh glileann fiadhaich, cnocach, creagach, 'us
feur 'us fraoch 'us rainneach 'us craobhan a' cinntinn
suas air feadh nan stacan. Tha 'n rathad iaruinn a
gabhail a mach ri aodunn a mhonaidh os cionn a' bhaile
agus air adhart gu Srath-Bhrathain agus Loch Luicheart.
Bha corra fhras uisge ann 'us plathainean dhe 'n ghrèin
againn eatorra.
Dh' fhàg sinn carbad-na-smùid aig Achadh-na-sìne
aìg ceathramh romh choig uairean cha 'n 'eil ann ach
ceann uighe glè bheag 'us tigh na dhà mun cuairt da.
Chaidh sinne na 'r triùir do 'n charbad agamsa agus
shuidh am Brùnach agus Cannon air a' thoiseach,
Lean an dà dhuin'-uasal agus na trì mnathan frithealaidh
sinn ann an carbad eile, agus bha càch nan dèigh-san.
Thàinig Triath Gheàrrloch air adhart gu ruig so leinn,
agus bha Fàihe dhuinn sgriobhta an gàidhHg air a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence