Skip to main content

‹‹‹ prev (346)

(348) next ›››

(347)
BHO m' leabhar-latha. 307
roLh mo chù gaolach Noble fodh 'chùram. Dh' fhalbh
Aniia Dhònullach, Hollis an còcaire, agus Lockwood,
air adhart air thoiseach oirnn Diluain. Chaidh Sey-
mour a thàinig an àite Goddard bochd leòtha agus
Ealasaid Stiùbhart a' mhaighdean sheòmair.
Thog an latha an dèigh sin 'us thàinig e uigh air 'n
uigh gu bhi glè bhreagha, ghabh sinn troimh Abar-
eadhoin 's bu chiatach a bha e sealltuinn 's an dol
seachad, cliunnaic sinn tùr a chuireadh suas air oilthigh
a th' ann 'us thaitinn e rinn glè mhath. Bha sinn aig
àite-coinneachidh na 'n ratliad iaruinn aig Dyce aig
naoi - mionaidean - deug roimh dhà - uair - dheug. Tha
'm fògharadh gu math tràth aca 'an so a reir coltais oir
chunnaic sinn arbhar aca air a bhuain goirid bho Abar-
eadhoin. Chaidh sinn seachad ri bun Beinn-a-chaoidh
agus tha am fraoch anabarruch breagha anns gach àite.
Ghabh sinn ar tràth-nòin aig aon uair agus bha Noble
a stigh leinn agus e cho math agus cho stolda. Stad
sinn aig Keith aig còig-mionaidean-fichead an deigh
aon uair — far an do stad sinn 'an 1872 a dh' fhaotuinn
dhaoine a dh' fhosgladh an doruis a dh' fhartluich oirnn
fhein.^ Bha na Saighdearan saor-dheònach agus mòran
de shkiagh eile 'g ar feitheamh ann an so. Bha 'n
t-arbhar na 'luidhe gu dona ann an so ach bha e ni b'
feàrr air adhart ri Eilginn. Thàinig sinn goirid an
dèigh sin am fradharc monaidhean bòidheach a' Chaolais
]\lhoirich — agus tha iad ga rlreamh breagha : tha 'n loch
cho gorm, agus e dùinte a stigh le cnuic, air an robh
craobhan 'us badain choille, na achaidhean buidhe le
^ Faic ar Turus gu Dun-Robaiu, clìir 160.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence