Skip to main content

‹‹‹ prev (319)

(321) next ›››

(320)
280 TUILLEADir DIIUILLEAG
greis ri taobli 'iia h-aibhne chaidh sinn do 'n charbad
'us ghabh sinn a dh' ionnsuidh an eas mheadhoin ris
an abrar " Eas-a-chlaidheamh " far an d' thàinig sinn a
rithist as a' charbad a dh' fhaotuinn sealladh math de 'n
eas ; ràinig sinn " Eas-a-ghlutain " an deigh sinn, agus be
sin an treas fear, chaidh sinn suas greis de Ghleann-
Aora an deigh sin seachad air Sròn-uiàgachain a dh'
ionnsuidh na Tulhdch agus air ais a rithist seachad air
na stàbuil agus a stigh air an rathad a tha tighinn bho 'n
bhaile agus bha sinn a stigh aig deich mionaidean an
dèigh sia.
Ghabh mi tea le Beatrais agus Liùsaidh, bha iad car
fada gun tilleadh, thug mi greis an dèigh sin air leugh-
adh agus air sgrìobhadh. A thuilleadh air Liùsaidh 's
air Beatrais bha Latharnu, 'us Ealasaid Chaimbeul, Sìne
Churchill, agus Seanalair Ponsonby aig an dinneir leam.
Chaidh sinn mar a b' àbhaisd air son ùine ghoirid do
sheòmar-na-cuideachd.
Diluain, an seachdamh latha fichead de
mhìos meadhoin an Fhoghair.
Bha 'n oidhche glc fhiadhaich, bha 'n dìle 's au doir-
eann ann, agus bha iad ag innseadh dhuinn gun robh
tein' athair 'us tàirneinich ann. Einn mi beagan sgriobh-
aidh an deigh ar tràth-maidne grinn, agus chaidh mi'
mach le Liùsaidh an deigh aon-uair-deug 'us choin-
nich an Diùc 's a' chuideachd eile sinn goirid bho 'n
tigh, agus chuir mise craobh òg de sheudar Lebanoiu,
thug a' Bhan-mhorair Emma NicNeill an siol as an
do chinn i dhachaidh leatha as an àirde 'n car. CUiabh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence