Skip to main content

‹‹‹ prev (271)

(273) next ›››

(272)
232 TUILLEADH DHUILLEAG
so agus uaill orm a ràdli gur mi fhèin is uachdarau
oirre — far an robh iad cho rìoghail agus cho dìleas do
theaghlach mo shinnsearachd — oir tha fuil na 'u Stiùbh-
artach a ruith na 'm phòransa agus is mi a tha 'n
diugh a' seasamh na 'n ionad agus tha 'n shiagh cho
dìleas agus cho rìoghail dhòmhsa agus a liha iad do 'n
dream mhi-shealbhar sin.
Chaidh sinn air tir aig a' chithe bheag agus choisich
siun thar na drochaidean, agus na carbaid 'n ar deigh,
ghabh sinn air adhart fad beagan cheudan shlat gu
cadh'-chliath a bha mu choinneamh an rathaid air an d'
thàinig sinn agus 'an sin chaidh sinn do na carbadan.
Bha piobaire ag chiich bho na thàinig siun air tir,
ghabh sinn air adhart troimh rathad breagha ris an
abrar "am mile dorcha" tha 'n t-ainm so aige bho 'n
chùnntas chraobhan ciatach a th' air gach taobh dhe
a' toinneamh am meangain na 'cheile agus a dean-
amh an rathaid dorcha. Air an taobh chli dhe tha e
fodh sgàile chreagan àrda air am bheil saibhreas m(')r
de fhraoch 's de rainnich 's de luibhean eile ag cinntinn.
Tha 'm fraoch a' fàs anabarrach breagha anns an dùth-
aich so 's a bhhUh na bhadain cho tròm, chunnaic sinn
ann an so an uamh anns an robh Prionnsa Tearlach am
folach fad seachdainn. Dh' fhàg sinn an rathad so aig
ceann Loch Lòchaidh agus bu bhòidheach a bha e a'
sealltuinn fodh dhearsa na greine 'us i dol fodha 's an
iar, ghabh sinn air adhart air bruaich an uisge gus an
d' ràinig sinn an rathad air an d' thàinig sinn. 'S le
Lochial so fad mhiltean air adhart, agus gu dearbh is
breaojha an oiohreachd i.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence