Skip to main content

‹‹‹ prev (254)

(256) next ›››

(255)
BHO m' leabhae-latha. 215
Macleòid, gur e' bhrathair fichead bliadhna' bii shine
na esan 's gu 'n robh e 'dol daonnan ga' ionnsuidh mar a
rachadh e gu athair air son comhairle. Bha a chaoimh-
neas do-sgithichte ris gach neach agus bha fhoighidinn
co-ionnan ri' mhaitheas. 'S ioma neach nach faca e
riamh ga 'n do nochd e caoimhneas agus sin gu tric gu 'u
fhios a bhi aig a theaghlach fhèin air. Bha e cho
geanail agus cho làn f earas-chridhe 's gu 'n tàrruingeadh
e daoine de gach seòrsa a chuir an làn-earbsa ann.
Tha Mr Dònull Macleòid a làn chreidsinn gu 'n robh
bàs a bhràthar gaoil aig a cheart àm sin na thròcair
mhòr, a chionn gu 'm biodh beatha fhada ann an
anmhuineachd agus ann an diomhanas na deuchainn
chruaidh dha. . . . Bha a shlàinte air fàilneachadh
mu 'n deachaidh e do na h-Inuseanu ach gun tea-
gamh rinn an turas sinn coire dha nach robh beag ;
ach cha chaomhnadh esan e fhein fhad 's a bha e
'g creidsinn gu 'n robh obair aige air a cur a mach air a
shon. . . . Ghiùlain a' bhean agus a' chlann an call
mòr gu h-iongantach leis mar a theagaisg e fhein iad gu
sealltuinn air an t-saoghal ri teachd mar staid shonais
a bha na ni da rlreamh agus bha iad a' faireachdain
gu 'm biodli e air aimhreadh dhoibhsan gun aoibhneas a
dheanamh na shonas-san. Bha a chreideamhsan cho
làidir 's gu 'n robh e gabhail greim sònruichte air càch
agus thuirt e gu 'n robh e creidsinn an dòigh cho àraid
's an ath shaoghal agus anns a bheatha bheòthail a
bhithidh sluas;h a' caitheamh ann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence