Skip to main content

‹‹‹ prev (252)

(254) next ›››

(253)
BHO m' leabhae-latha. 213
iior^ agus thuirt e gun robli e gic thàiugeal sin a'
chluinntinn.
Bha leithid de gheiread inntinn ann 'us e cho làn
àbhachd agus dh' innseadh e do naigheachdan beaga
dhuinn, agus bha dòigh cho ghrinn aig air an innseadh.
Bha comas iongantach aige air inntinn sluaigh a thar-
ruing agus air a cho-fliaireachdain a nochdadh dhoibh-
san a b' àirde inbhe, cho math ris na truaghain a b' isle
agus air comhfhurtachd a thoirt dhoibhsan a bhiodh air
leabanan tinnis agus an giacan a bhàis, dhoibhsan a
bhiodh fodh àmhghar, a rachadh air seacharan no a
bhiodh fodh amharus. Thuirt ban-charaid dhomh rium
fhèin uair na' m biodh i an trioblaid mhòir, ann am
bròn, no fodh iomaguin gur ann a dh' ionnsuidh an Dr
Mhicleòid a dh' iarrudh i dol ! Agus 's ann mar sin a
bhà daonnan ! Bhiodh neach cho cinnteacli gu 'n
èisdeadh esan ris gach sgeula trioblaid, laigse, no bròin
le làn cho-fhaireachduin.
Dh' iarr mise air suidhe a dheanamh agus chunnaic
mi gu 'n robh e fàs lag an uair a bha e cho toileach suidhe,
ni nach b' àbhast dà dheanamh, thuirt e nach b' urrainn
e seasamh ro mhath ; agus chuala mi an dèigh sin gu 'n
do ghearain e air sgios an uair a choisich e air ais bho 'n
Eaglais, Thuirt mise ris gu 'n robh eagal orm gu 'n d'
rinn a thuras do na h-Innseann coire dha, dh' aidich e
gu 'n d' rinn ach thuirt e nach robh aithreachas air, air
son a dhol ann. Thuirt mise <4U 'n robli mi 'n dòchas
1 Am fear a ruith dli' ionnsuidh a' charbaid agam aig Luchairt
Buckingham le litir-iarrtais agus dag aige^ir an naothamh latha fichead
de cheud mhios au Earraich 1872, agus rug am Brùnach air.
%

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence