Skip to main content

‹‹‹ prev (244)

(246) next ›››

(245)
h
BHO m' leabhak-latha. 205
direach a falbh ga m' sheòmar èididh 'ii uair a thill e agus
dh' iarr e cead tighinn a stigh a rithist a ràdh beagan
fhocal rium. Thàinig e stigh agus thuirt e cho chaòimh-
neil gu 'm fac e Còirneal Ponsonby agus gu 'n robh droch
sgeul air tighinn mu 'n Dr Macleòid, gu 'n robh e ro
thinn, gu dearbh gu 'n robli eagal air gu 'n robh e marbh !
a bhuille bha sini ! Cho uamhasach cruaidh 's a bha e
an caraid caoimhneil, gaolach mòr-chridheach, gràdhach
sin a chall ! Ghuil mi gu goirt ach dh' flieuch mi ri m'
dhèoir a chasg, 'us thug mi buidheachas do 'n Bhrùnach
chòir air son cho chaoimhneil 's a bhrist e dhomh an
sgeul brònach so ris am bu bheag mo dhùil. Chuir mi
dh' iarruidh Leopold 'us dh' innis mi dha e agus 's gann a
b' urrainn e ghabhail a stigh agus dh' innis mi e do m'
mhnathan frithealaidh uile. Bha na h-uile neach cho
brònach — Ban-diùc Athull, Sìne Ely, 'a mhaighdean ^
uasal Nicghriogàir, Còirueal Ponsonby, agus an Dr ,^
Mac-an-TàiIIear-air an d' thàinig a leithid de thioma 'n -•
uair a chual e an naigheachd 's gu 'n robh e greis mu 'm
b' urrainn e bruitheann. Bha e fhèin 'us sinne ag ràdh
ri cheile gur call e nach gabh leasachadh. Bha fios aig
an Dr Mac-an-TàilIear gu 'n robh e tinn bho chionn
seachdain (ach cha robh fios agamsa air), agus gu 'm
feudadh am bàs tighinn air uair sam bith. Bha 'n òraid
fhada chiatach a thug e aig Coinneamh an Ard-Shean-
adh tuilleadh 's tròm air a shon. Bha sin air an deich-
eamh latha fichead. Bha sinn uile ag altrum dòchais
gu 'm deanamh fois aiseag gu slàinte. Bha mi cho toil-
ichte gu 'm faca mi e cho ghoirid roimhe so ! 'N uair
thàinig a' Bhan-diùc far an robh mi cha b' urrainn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence