Skip to main content

‹‹‹ prev (222)

(224) next ›››

(223)
BHO M' LEABHAK-LATHA. 183
cliarbad mu 'n cuairt gu ruig an t-àite sam blieil an
t-uisge dubh a ruith a stigh do Loch Brora. Agus gu
dearbh 's e 'n t-uisge dubh e ; chaidh sinn thairis air
anns a' charbad. Dh' innis a' Bhan-diùc dhuinn gu 'n
robh rathad breagha ann an dùthaich fhiadliaicli an so
a bha ruith suas do 'n ghleann, ghabh sinn air adhart
air rathad àillidh a bha ri taobh an loch, fodh Chnoc
Choireill agus troimh Choille Choireill ; tha coltas deadh
chinneas air na craobhan 'an so chunnaic sinn feidh gu
h'-àrd air lior chreachunn a mhonaidh 's an dol air
adhart ri taobh an loch chunnaic sinn a null uainn
monaidhean àrda ag eirigh os cionn an fheadhain iosal
a bu dlùithe oirnne air an taobh thall, 's ann air aon
diubh 'g an ainni beinn Arlamain a tha an flirldh is
dlùithe air làimh a th' aig an Diùc.
Thionndaidh sinn ris an deas 'us ghabh sinn seachad
air mòinteach a tha 'n Diùc an dèigh a thoirt a stigli
an dòigh iongantach le crànn a tha falbli le smùid.
Thill sinn rathad XJppat 'us stàd sinn dlùth air àite
Mhr Loch. 'S ann an Uppat a bha 'n Diùc a' fuireach
le' bhean mu 'n d' thàinig e stigh air an òighreachd.
Be athair Mhr Loch am fear-gnothuich a bh' àig an
Diùc nacli mairionn agus 's e a mhac a tha na fliear-
gnothuich aig an Diùc so agus tha cuimhne agamsa air
fhaicinn 's an dreuchd cheudna aig Morair Ellesmere 'an
Worsley ann an 185 L Thàinig bean Loch a mach agus
nighean dhi leatha agus thug ogha dhi bad fhlùraichean
dhòmhsa. Bha na sgoilearan aig Dol air an tarruing
an òrdugh air taodh muigh an Tigh-sgoil. Thill sinn
troimh 'n choille 'us fhuair sinn dhachaidh aiu' fichead

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence