Skip to main content

‹‹‹ prev (217)

(219) next ›››

(218)
178 TUILLEADH DHUILLEAG
chàich bha seann bhean uasal 'g am b' ainm Honston
tha i dlùthachadh air ceithir fichead bliadhna agus a
deich. Bha a Bhan-diùc Chatach ro ghaolach oirre agus
Ban-diùc Norfolk cuideachd. Thàinig tioma oirre 'us
thuirt i "An i so mo mo Bhan-rìgh ghràdhach ? " " agus
Diiic mo ghaoil ? " thuirt i agus i a breith air làimh air
an Diùc.
Ghabh sinn ar tràth-nòin mar a b' àbhaisd. An
dèigh sin chunnaic mi Morair Granville chaidh mi maeh
aig ceathramh an dèigh ceithir ann an carbad fosgailte
cheithir each le Beatrais, Anim, agus Constance, bu leis
an Diùc na h-eich a bh' againn. Blia latha math
gaothar ann ged nach robh an iarmailt ro shoilleir.
Ghabh sinn air adhart gu Beinn - a - Bhraighe air am
blieil an Carragh-cuimhne 's an iomliaigh mhòr de shean-
athair an Diùc, b' esan a cheud Diùc dhe 'n dream agus
le e phòsadh na Ban-Iarla Cataich fhuair iad an òigh-
reachd mhòr so. Dh-èug ise 'an 1839, agus tha cuimhne
agamsa oirre mar sheann bhean uasal a blia tapaidh lagh-
ach. Ghabh sinn an rathad air an deachaidh sinn air na
làithean roimhe air adhart ri taobli an uillt mhoir agus
troimh na bacan a' sealltuinn air adhart ri gleann fiadli-
aich Dhuinrobainn ; ged nach 'eil na monaidhean àrd
tha iad glè bhòidheach le 'n trusgan de fhraoch dearg 'us
bha na blàir uaine mhòintich 's na cnuic fliad air falbli
uainn, a' sealltuinn cho maiseach. Bha 'n uchdacli duilicli
ri dhìreadh aig na h-eich agus rinn am feur a l)hi fodli' 'u
casan ni bu dorra e. An uair a bhasinn leth an rathaid
suas stad sinn a ghabhail ar tea 'us ar coffee, ; beagan roimh
sin fhuair am Brùnach bad de fhraocli geal cha 'n 'eil mise

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence