Skip to main content

‹‹‹ prev (215)

(217) next ›››

(216)
176 TUILLEADII DHUILLEAG
siun as a so a dh' fhaicinii na 'n stàbull 's cha 'n 'eil
iad ro mhor. Chuunaic mi ua h-eich bheaga agam fhèin,
agus cuid de na h-eich mh(jr 'us bheaga aig Anna.
Choisich sinn a dh' ionnsuidh an tighe an dèigh sin
agus thachair an Diùc agus Raonull oirnn air an rathad.
Thug iad a dh' ionnsuidh an rathaid ga 'n sealltuinn
dhomh dà bheathach bhreagha ghàidhealach a tha iad
a reamhrachadh air sou an cur a dh' fhaotuinn duais-
gheall aig a' Nollaig. Chaidh sinn seachad air au trèud
ga 'm buineadh iad au dè an uair a bha sinn a mach,
's beathaichean fior bhreagha iad le 'm falluingean mol-
lach, an cinn ghreannach, agus an adhaircean mòra
farsuing ; 's ann odhar agus air dhath ciar na luch a
tha 'n àireamh is motha dhiubh. Dh' fhalbh mi aig
còig mionaidean fichead an deigh dà uair dlieug leis an
dithis chloinne 'us le Anna a leagadh na ceud chloiche
do 'n Charragh a tha na Cataich agus na seirbhisich aig
an Diùc a' cur suas mar chuimhneachan air a' Bhan-
diùc ghaoil air an robh gach neach an Cataobh cho
toigheach. Chaidh sinn air adhart an carbad cheithir
each. Thàinig an hitha gu turadh. Bha càch uile air
adhart roimhinn ; dh' fheith an Diùc ri 'r cuideachadh
do 'n charbad agus an sin ruith e air adhart air thois-
each oirnu agus MacAlasdair an cùl a choise, 's e so
Pìobaire, gill'-èididh, agus rùn-sheirbheasach an Diùc,
duine goirid garbh mu thri fìcliead bliadhna 'dh' aois
duine gasda agus deadh phiobaire. Thàinig sinn as
a' charbad 'us chaidh mise gu ùrlar togta a bha fodh
chòmhdach agus e làimh ris a chloich, bha a chlann
làimh rium agus Anna 's an Diùc, 'us Constance agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence