Skip to main content

‹‹‹ prev (197)

(199) next ›››

(198)
158 TUILLEADH DHUILLEAG
fliuch, Bha 'n rathad air an robh sinn a' gabhail
seachad air citlie Granton far an d' thàinig sinn air tir
'an 1842, agus air adhart an cois na mara ; thàinig sinn
an ddigh sin gu Trinity àite sam bheil deadh thighean,
agus an sin gu Newhaven far am faca sinn cuid de
mhnathan an èisg, bha iad glè dhealasach ach cha robh
an eideadh suaicheanta fhèin orra. Ghabh sinn air
adhart gu Lìte agus bha mòran sluaigh cruinn 'g ar
feitheamh ann ged a bha 'n sileadh cho tròm ; gu dearbli
cha robh àite sam bith anns nach d' thàinig iad a mach
agus iad uile cho rìoghail.
Chaidh sinn air aimhreit 's an rathad an so agus b'
eigin dhuinn tileadh air ais a dhol a dh' ionnsuidh nan
Albert Docks ùra bha iad glè bhreagha agus deadh
mheudachd annta, bha am brataichean sgaoilte air a
ghaoithe aig an luiugis uile.
Stad sinn tiota a bhruitheann ri Probhaisd Lìte, agus
thuirt e gu 'n robh an sUmgh uile glè bhuidheach dhiom
air son mi 'thighinn 'g am faicinn ; agus chaidh taing a
thoirt domh gu tric uaith sin, thug e de thoileachadh
dhoibh mi 'thighinn a mach nam measg gu boil leis an
dortadh uisge a bh' ann. Gliabh sinn air adhart bho
so ri taobh a' chladaich 'us fhuair sinn sealladh fad as
air Inchkeith chaidh sinn troimh dhulachan uaine Lìte,
air adhart air an rathad Lunaineach, seachad air Tigh-
còmhnuidh reiseamaid nan each agus air Naomh Mair-
earaid agus a stigh dhachaidh troimh phìiirce na Ban-
rìgh. Eàinig sinn aig deich mionaidean 'an dèigh seachd.
Bha sinn uile car fliuch agus dh' atharruich sinn ar
'n (^ideadh ffun dàil. Cha do chum na còtaichean dion

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence