Skip to main content

‹‹‹ prev (195)

(197) next ›››

(196)
156 TUILLEADH DHUILLEAG
shluagh Dalkeith agus na 'm bailtean beag eile mu 'n
cuairt agus tha iad glè bhochd na 'n crannchur. Ghabh
sinn direach dhachaidh as a' so', us thàinig sinn a stigh
air a' cheart rathad air an robh sinn a' tigliinn a mach
agus theirinn sinn uchdach, Eathad-carbaid na Ban-
rlgh. Bha dùmhladas sluaigh an so a rithist ach bha
iad uile cho geanail agus cho toilichte chunnaic sinn
gillean beaga' us caileagan a dol car air char leis a
bhruthach chas, agus urrad de shluagh a' bruchdadh a
mach as a bhaile a dh' fhaotuinn seallaidh dhinn.
Dìhaoine, an siathamh latha deu<j dc
cheud mhìos an Fhoghair.
Tha fior latha fliuch ann an diugh. Ghabh mi sràid
a mach aig leth-uair an deigh aon-uair-deug le Fionn-
aghall Dhònullach. Tha ainm na mnatha-uaisle so a'
tarruing aire muinntir Dhunèidinn gu mòr. Ghabh sinn
tarsuing an null thun nan stàbull 'us chunnaic sinn
seòmar na h-acfhuin, an tigh carbaid agus gach àite
mu 'n cuairt dhoibh 'us tha iad uile glè mhath. Sheall
mi stigh do 'n Tigh-fhreiceadan a bha 's an ath dhorus.
Bha na saighdearan air an tarruing an òrdugh a' muigh
an dùil ri mise thighinn a mach ach ged a chunnaic
iad mi cha d' aithnich iad mi. Ghabh mi seachad air
an cùlthaobh 'us dh' amais mi air serjeant a tha mi a'
smuaineachadh a bhuineadh dha 'n Reiseamaid Chataich,
bha e na làn uidheam agus ceithir Buinn-chuimhne air
a bhroilleach. Dh' fharraid mi dhe' dè 'n ùine a thug
e 's an arm 'us thuirt e gun tug fichead bliadhna. Dh'
fheòraich mi dhe cia as a bha e' mach agus dh' innis e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence