Skip to main content

‹‹‹ prev (171)

(173) next ›››

(172)
134 TL'ILLEADH DHUILLEAG
air tigii laiu MhicThòmais. Bha na caoraich agamsa
aiin ani fang 'an sin anns an achadh a bu dlùithe air
làimh, goirid bho 'n bhalla, 'us Seumas Brùn, an
ciobair agus am Moireastanach a th' agam na ghreidh-
ear 'an Abair-Ghealadair, a breith air na caoraich agus
a' ceangal an casan. Bha bràthair Morgan 'us feadhain
eile 'g an cuideachadh. Bha iad an deigh an ceangal 'g
an cur 'an uchd na 'm boireannach 'us iad na 'n suidhe
air an làr agus lòm iad na ruisg dhiubh gu miorbhuill-
each math le siosaran mòra. Bha ceathrar dhiubh na 'n
suidhe mun cuairt agus bha triuir diùbh na 'n deadh
rùsgadairean, b' ann dhiùbh sinn Bean Durran, 'us
Bean Leys ach cha robh urrad de chleachdadh aig
Bean a Mhoireastanaich air, agus bha e gu math duilich
dhi greim a' chumail air na caoirich mhora throma sin
agus iad cho dona le breabadh. Tha aig na rùsgadair-
ean ri' 'n toirt eadar an glùinean agus is obair chruaidh
6. Bha ceathrar eile de bhoireannaich na 'n suidhe ri
taic a' bhalla 's iad a rùsgadh cuideachd chaidh comh-
arradh a chur an deigh sin air na caoirich ; agus
mu 'n deachaidh cuid dhiubh a rùsgadh b' eadar na
h' adhaircean aca a shàbhadh 'g an cumail bho fhàs a
stigh na 'n cinn. Thaitinn an sealladh rium gu math
bha e cho neònach a bhi faicinn na 'n rusg tiugha
breagha a tighinn dhiubh niur gum l)u chotaichean
uachdair a bh' orra iad.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence