Skip to main content

‹‹‹ prev (92)

(94) next ›››

(93)
BHO M' LEABHAR-LATHA. 61
sònruichte an latlia ri 'bhi air a dheanamh. Thùinig
niise as a' charbad agus sheas mi taobh a muigh a'
phàlkiinn gus an do lèugh am Probhaist òraid dhomh.
B' e am fear dhe 'n d' rinn mi Eidere an Abareadhain
an 1863 a bh' ànn. B' èigin dòmhsa an sin mo fhrea-
gairt fhèin a lèughadh ni a rinn glè luaisgeanach mi ;
b 'i so a cheud uair a lèugh mi nì dhe 'n t-seòrsa bho
na chaill mi mo chompanach gaoil ach fhuair mi thairis
air gu math. Thionndaidh mise an sin an goc agus
bha e giè bhòidheach an t-uisge fhaicinn a brùchdadh
an àirde.
'Se obair-uisge mhor a tha 'n so. Tha e air a mheas
gu 'n gabh 6,000,000 gallan 's an latha toirt do 'n bhaile.
'S ann bho 'n abhuinn a tha an t-uisge a' tighinn, tha e
air a ghearradh uaipe aig Baile-chùirn mu cheithir
mlle bho 'n Bhàn-choire. Si 'n obair shònruicht a
rinn iad an so rathad a tholl iad a stigh troimh chnoc
a tha aig Baile-chùirn, tha an toU-rathad so air a
dheanamh troimh charraig a tha anabarruch cruaidh
agus tha e 760 slat air fad. 'S ann aig ceann an toll-
rathad so a tha a mhàthair uisge aig Inbher-cannaich
air a deanamh far an do thiondaidh mise air an t-uisge
an diugh. Tha iad ag ràdh gu 'n gleidh a' mhàthair
uisge so 15,000,000 gallan. Cha 'n 'eil ach dà bhli-
adhna gu leth bho na chaidh a' cheud fhòid a ghear-
radh air son na h-oibre, agus chost e £130,000. Bha
na h-uile ni thairis ann an ceathramh na h-uarach 'us
thiU sinn direach mar a thàinig sinn, stàd sinn tiotan
aig tigh Mhr MacDhàibhidh agus thug a' nighean aige
bad fhlùraichean dhomh. Bha 'n latha breagha agus e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence