Skip to main content

‹‹‹ prev (77)

(79) next ›››

(78)
48 TUILLEADH DHUILLEAG
ris an làimli dheis agus is math mo chuimhne air dol a
stigh roimpe ; ach bho nach robh toil againn sinn fhein a
dheanamh aithnichte, agus nach b' urrainn dhuinn a' dhol
troimh 'n chadli'-chliath gun chead iarruidh agus ar n-ain-
meanan a thoirt dhoibh, ni air son iomadh reusan nach
robh sinn toileach a dheanamh, stad sinn goirid bho thigh
a' ghàradair 'us leig boireannach a bha 'n sin sinn troimh
chadh'-chliath a bha làmh ri gearasdan beag, ach clia
robh fios aice cò sinn. *Thàinig sinn as a' charbad' an
so 'us sheall sinn sios air an tigh ; sgaoil an ceò cho
mhor 's gum b' urrainn dhuinn gach ni a bha mu 'n
cuairt' fhaicinn agus 'an so ann an uaigneas — gun fhios
do neach bha mise 'sealkuinn — 's cha b' ann gun tròm
smuaintean no gun ghluasad a bhi air mo chridhe —
air an àite 's an d' fhuair sinn a leithid a dh' fhàilte
chridheil bho chionn cheithir bliadhna fichead bho
Mhorair Bhraid-Albainn còir' an dòigh cho prionnsail 's
nach gabhadh bùrr toirt air, ann an eireachdas agus 'an
àilleachd. Clia robh Ailbeart na mi fhein ach tri
bliadhna fichead a dh' aois — bha sinn òg agus sona.
Cia liutha a h-aon a bha leinn an hitha sin nach eil
a làthair an diugh ! pjha nii glè thoilichte an t-àite
fhaicinn aon uair eile. Cha 'n 'eil coltas atharrachadh
sam bith air.* Bha na h-uile ni a' sileadh le truimead
a cheò. Tha Beallach nm dha ndiile thar fhichead
bho Dhun-Cliaillinn.
Chaidh sinn do 'n charbad a rithist 'us shuidh a'
Bhan-diùc cho teann ormsa 's a b' urrainn dhi los nach
* Tha na tha eadar na rionnagan so, air a thoirt-bho 'n leabhar a
chuir mi 'mach roimhe.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence