Skip to main content

‹‹‹ prev (63)

(65) next ›››

(64)
36 TUILLEADH DHUILLEAG
sia uaireaii. Ghabli Ban-nihorair Ely agus Seanalair
Grey an dinneir leinn. An deigh na dinneir th<àinig
a' Bhan-diùc 'na h-aonar do nio sheòniar suidhe-sa agus
lèugh i dhuinn greis. Thug mise 'an dèigh sin tacan
air sgriobhadh 'us fhritheil an Granntach dhomh 'an
àite a' Bhrùnaich oir bha aigesan ri fois a ghabhail air
son a choise.
Diardaoin, an dara latha deuf/ de rahìos-
deireannach an Fhoyhair.
Latha turaidh gun uisge idir ann ach mo chreach !
gun ghrìan. Tha cas a' Bhrùnaich mòran nis fearr
agus tha an leigh a' smuaineachadh gu 'm feud e
coiseachd thar a' mhonaidh am màireacli.
Tha sinn a' faotuinn tràth-maidne fior mhath ann an
so, tha 'n t-uachdar 's an t-ìm cho chiatacli. Tha ban-
chòcaire gle mhath aig a' Bhan-diùc, is Ban-Albannach
i. Agus bha mise aig gach tràth a' smuaineachadh air
mar thaitneadh gach ni a bh' ann ri m' ghaol Ailbeart.
Theireadh esan daonnan gun robh gach nì ni bu bldasda
ann an tighean beaga.
Fhuair sinn moran de chòcaireachd Albannach, dà
sheòrsa eanaraich, agus an " Taigeis " dhùthchasaich
air am bheil a leithid de mheas. Bhlais ini oirre 'n
raoir agus thaitinn i rium gu matli. Bha a' Bhan-diùc
cho toilichte gu 'n do ghabh mi i.
Aig ceithreamh an dèigh dà-uair-dheug ghabh Eileag
'us mise sràid leis a' Bhan-diùc anns na pàircean mu 'u
cuairt do 'n tigh agus chunnaic sinn an àrd-Eagiais.
Tha iad air Eagiais sgìreachd a dheanamh de phàirt dlii

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence