Skip to main content

‹‹‹ prev (46)

(48) next ›››

(47)
BHO m' leabhar-latii.v. 21
'X uair a sguir e dhi, tliugadh sanus seachad agus 'an tiota bha
'bhratach a dh' t'holaich an dealbh air a ruith suas gu muUach a'
chroinn-bhrataich, agus bha obair an latha crìochnaichte.
Sheall a' Bhan-rìgh gu geur air an dealbh-chloiche agus air dhi
a ceann a chroniadh ann ani fàilte ris a' mhor-shluagh dh' fhàg i
an t-àrd-ùrlar agus lean a' bhuidheann rìoghail i. An deigh do 'n
chuideachd uasail an tràth-nòin a ghabhail anns a' chòisir-
choniuin, chaidh ani mòr-shuagh a rithist an òrdugh agus
ghabh iad air adhart air an rathad a thàinig iad gu àite-stad
carbad-na-smìùd 'an Sràid Guild. Dh' fhàg a' Bhan-righ Abar-
eadhain aig trì uairean.]
TURUS GU INBHIRMARC.
Dimàirt, an naodhanih latha dcug de mhìos
meadhoin an Fhoyhair, 1865.
'N uair a dhùisg mi 's a' mhaduinn, bha mi glè lag
agus luaisgeanach a' smuaineachadh air an turus a bha
romham, bha 'n t-atharrachadh a thàinig air gach ni cho
muladach. Dh' fhàg mi 'n tigh aig aon-uair-deug le
Eileag agus Sine Churchill. Bha an Granntach agus
am Brùnach' 'n an suidhe air taobh - beòil a' char-
baid, mar a b' àbhaist dhaibh anns na làithean sona
a dh' fhalbh. Ghabh Seanalair Grey air adhart romh-
ainn, agus rug sinn air aig drochaid Muic, far an robh
na h-eich bheaga againn 'g ar feitheamh. Bha ceathrar
ghillean leinn, agus bha triùir dhiubh sin — Mac-a-Gho-
bha, Mòrgan, agus MacUaraig, leinn 'an 1861. Bha fior
bhruthainn ann an uair a bha sinn a' dìreadh na Polaich.
Fhuair mise troimh an fheithe gu gasda, ach bha 'n
t-each aig Sìne Churchill a' sìor dhol fodha. Chaidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence