Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
BHO M LEABHAR-LATHA.
TUEUS A DH' FHAICINN AN T-SEAN CHUIRN AIR
CO-AINM LATHA-BREITH A' PHRIONNSA.
Baile-Mhoireil,
^n siathamh latha tharfhichead de cheud
lahìos an Fhoghair, 1862.
Chaidh uii 'niach aig dà-uair-dheug anns a' char-
badan. Bha Bertie a' falbh d' a chois, agus an dà chaileig
air eich bheaga. Chaidh sinn a choimhead air a' char-
ragh a tha 'g a thogail mar chuimhneachan air mo
ghaol : thill Bertie ann an sin, agus ghabh sinne air
ar n-adhart anns a' charbad troimh an fhraoch, mu 'n
cuairt do 'n-bhaile-bheag, agus a mach Creag-ghobhan,
gus an do ràinig sinn dlùth air an t-sean chàrn a chaidh
a thogail 'an 1852. Thuirt an Granntach rium: "Bha
mi 'smuaineachadh gu 'm bu toil leibh a bhi 'an so an
diugh — air co-ainm an latha breith aige-san." Tha
a leithid a dh' fhìor chreidimh làidir aig an t-sluagh
mhath, agus shimplidh so, 's gun robh esan de 'n bharail
nach bu chòir an latha gràidh so, no eadhoin an ceath-
ramli latha deug de mhìos meadhoin a' gheamhraidh
'bhi 'n an laithean bròin. " Cha 'n e sin," ars esan, " an
solus anns am feum sinn amharc air."
Choisich sinn sìos rathad Tigh-na-còinnich ; bha am
fraoch cho bòidheach dearg ; us bha an latha cho
àiUidh, agus cho grianar.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence