Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
TOGAIL CARN A' PHRIONNSA.
Baile-Mhoireil,
Diardaoin, an t-aona lathajichead de cheud
mhìos an Fhoghair, 1862.
Ghabh sinn an ratliad aig aon-uair-deug. Bha eacli
beag Choire-Mhuilsi a' tarruing a' charbadain anns an
robh mise, agus ani Brùnach 'n a cheann. Thàinig
Bertie a nall bho Birkhall, agus chaidh e leinn d' a
chois. Eug an dà bhalachan bheag oirnn air an rathad,
a dhol leinn gu Creag Lùragain; agus bha iad fhèin,
agus an dà chaileig, air eich bheaga ; chaidh mise suas gu
ruig am fior mhullach, anns a' charbad. Dh' fhàg sinn
am frith-cheum agus ghabh sinn an rathad air an robh
na cairtean a' dol suas. Bha an Granntach agus Don-
nachadh ri cùl a' charbaid 'g a chuideachadh air adhart.
Fhuair sinn mo leanaban gaoil (Beatrais) romhainn
air a' mhuUach. Bha an sealladh a bha ri 'fhaicinn
mu 'n cuairt cho àillidh, an latha cho soilleir, agus am
fraoch badanacli cho bòidheach dearg — ach subhachas
no toilinntinn cha robh ann dhòmhsa ! bha gach sòlas
air dol bàs !
Tha dà fhichead troidh air leud ann an làrach a'
chùirn, a tha ri bhi air a chur suas 'an so air a' mhul-
A

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence