Skip to main content

‹‹‹ prev (70)

(72) next ›››

(71)
Deanadh gach dùil air thalamh bho5J.
Do thoil mar ainghbh nèimli ;
Dhi geilleadh iad le cridhe ait,
'S ie giulan macant sèimh.
Ar n-aran lathail deònuich dhuinn,
Is cridhe taingeil leis ;
Is ciod air bith is cuibhrionn duimi,
Do bheannachd biodh 'na chois.
Maith dhuinn ar fiacha trom, a Dhe,
A reir mar mhaithear leinn,
D'ar feichnibh fèin an euceartan,
'S gach beum a thug iad dhuinn.
Na ]eig am buaireadh sinn, a Dhè,
Ach gleidh sinn o gach lochd ;
Oir rìoghachd, cumhachd, ""s glòir gu'n
'S leat nis 's a rìs gu beachd. [chrioch,
MU CHOIRC.
Cia ionmholta agus eag-mhaiseach an t-ull-
uchadh a rinn Dia air son uile uireasbhuidh a
chreutairean. Anns na talmhannaibh teth tha
meas cùbhraidh agus blasda, eutrom agus
fionnar, air a sholair gu pailte fa chomhair an
duine ; agus tha na craobhan air an còmhdach-
adh le duilJeach, agus na doireachan a' tilgeadh
an sgàile air son fasgaidh dha o theas na
grèine. Cha'n 'eil iomail air bith do'n domhain
anns nach faighear pailteas do na nithibh sin
tha feumail do'n t-sluagh tha 'ga àiteachadh.
Anns na h-àitibli tuathach tha na caoraich a'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence