Skip to main content

‹‹‹ prev (48)

(50) next ›››

(49)
47
achadh feoir na macharach, a ta an diugh ann,
agus am màireach air a thilgeadh san àmhuinn,
nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, a
dhaoine air bheag creidimh ? Uime sin na bith-
ibh làn do chùram, ag ràdh, ciod a dh'itheas
sinn ? no ciod a dh'òlas sinn ? No ciod a chuir-
eas sinn umainn ? Ach iarraibh air tùs rìogh-
achd Dhè, agus 'f hìreantachd-san, agus cuirear
na nithe so uile ribh.'''
GUoc-as Tarr-uing Mach-air
Faic-inn Tal-amh Meud-aich
Tigh-earn Agh-aidh Maith-eas
Oir-dhearc Lai-dir Pailt-eas
Freiimh-an Ar-aon Ar-bhar.
(E.) MU NEBUCHADNESAR.
Tha e ro shoilleir gu'n robh Nebuchadnesar
air a thogail suas le Dia chum gu'n coimh-
Honadh e a thoil air ludea, agus air luchd-
àiteachaidh lerusaleim. Dh'innis Dia roimh-
laimh le 'fhàidhibh gu'n rachadh na h-Iudh-
aich a thoirt an braighdeanas do Bhabilon,
agus na cinnich a bha mu'n cuairt doibh a
smachdachadh gu geur, air son honmhoireachd
an aingidheachd. Bha na nithe so air an coimh-
Uonadh le làimh Nebuchadnesair. Bhuadhaich
e air na h-Iudhaich 'nuair a chog e 'nan
aghaidh, — chreach e an teampull san robh iad
ag aoradh do Dhia, agus thug e air falbh a
mheud diubh 's a dhThàg an claidheamh am

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence