Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
44
1 Mo shùile togam suas a chum
Nam beann, o'n tig mo neart.
2 O'n Dia rinn talamh agus nèamh,
Tha m'fhurtachd uile teachd.
3 Cha leig do d' chois air chòr air bith
Gu''n sleamhnuich i gu bràth ;
Tàmh-neul cha tig sin air an neach
'S fear-coimhid ort a ghnàth.
4 Feuch air fear-coimhid Israeil,
Codal cha'n aom no suain :
'Se Dia t' f hear-coimhid ; 'se do sgàil
Air do làimh dheis gu buan.
6 A"* ghrian cha bhuail i thu san là,
No 'ghealach fòs san oidhch\
Ni Dia do choimhead o gach olc ;
Ni t^ anam dhion a chaoidh.
8 Do dhol a mach, 's do theachd a steach
Coimhididh Dia a ghnàth ;
O'n aimsir so a nis a t'ann,
'S o sin a mach gu bràth.
(D.) GLIOCAS AGUS FREASDAL DE.
Tha gliocas an Tighearna ri fhaicinn air
dòigh ro shoilleir anns gach earrann do obair
sC chruthachaidh. Cha'n ""eil luibh tha fàs suas
sa' mhachair nach 'eiì a^ nochdadh dhuinn gu
bheil Dia iongantach ann an comhairle, agus
òirdheirc ann an gniomh. Ma- bheachd-
aicheas sinn gu mionaideach air an dòigh
àraidh air an do sbaothraich a làmh gach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence