Skip to main content

‹‹‹ prev (42)

(44) next ›››

(43)
41
dìteadh gu bas. Air d'a bhràthair fhaicinn
san staid so, dh' f heòraich e dheth c'ar son a
bha e co iomagaineach. Fhreagair esan e, " Do
bhrìgh gu'n do dhìt mi sluagh eile gu bas a
chionn gu'n do bhris iad lagh dhaoine , agus
cionnus a nis a thèid mi fèin as o dhìteadh
siorruidh, a bhris gu minic lagh fior-ghlan
agus glòrmhor an Dè bheò ?'' Air d'a bhràthair
so a chluinntinn, thubhairt e ris, *' Cha'n 'eil
leithsgeul agad bhi ro-mhuladach air son an ni
sin ; theagamh gu bheil ùine fhad mu'n tig an
là roimh am bheii eagal ort, agus os bàrr, cha
bhi an gnothuch cho cruaidh no cho cudthrom-
ach 'sa tha thu a' smuaineachadh.'*"'
Chual an righ na briathra faoine so ; agus
do bhrìgh gun robh e doilich gu'n do thuit a
bhràthair ann am barailibh mearachdach mu
thimchioll a' bhreitheanais ri teachd, dhealbh e
innleachd gu 'aineolas agus ""fhaoin-bharail a
leigeadh ris da. San dùthaich so, 'nuair a
dheanadh neach air bith ceannairc an aghaidh
an righ, bha e 'na chleachda gu'n rachadh trom-
paid a shèideadh aig a dhorus aig meadhoii-
oidliche, agus air an ath-la gu'n rachadh a
thoirt a mach as a thigh, agus a chur gu bàs.
A rèir a' chleachda so dh'àithn an righ trompaid
a shèideadh aig dorus tighe a bhràthar air
feadh na h-oidhche. Mhosgail a bhràthair à
chodal cho luath 'sa ràinig fuaim na trompaid
a chhiasan, agus dh' eirich e agus thàinig e le
d3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence