Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
25
aid, agus bhàthadh i. 'Nuair a chunnaic an
seann duine ciod a thachair da' asail, phiil e
dhachaidh air a iionadh le nàire agus le bròn.
Thug e oidhearp air gach neach a thoileach-
adh le'm bu mhiann comhairle a thoirt air;
ach an àite so a dheanamh, cha do thoiHch
e aon air bith, agus air a cheann mu dheir-
eadh chaill e 'asal le 'amaideachd.
Tha comhairle caraid ghhc agus dhìleis ro
luachmhor; ach an uair a leanas sinn comh-
airle gach neach leis am miann ar comhair-
leachadh, tha e ro-chosmhuil gu'n caill sinn ar
n-aimsir agus ar saothair, — gu measar mar
araadain sinn, — agus fadheoidh nach dean sinn
maith dhuinn fein no do shluagh eile.
(H.) MU THIMCHIOLL a' BHIOBUIL.
Tha am focal Bìobul a' ciallachadh Leabhar;
do bhrìgh gur e an t-aon leabhar e is airidh bhi
air a leughadh gu dùrachdach, agus air a
chreidsinn gu h-iomlan leis gacli neach aig am
bheil curam d'a anam neo-bhàsmhor. Tha e
da rìreadh 'na leabhar prìseil, oir tha e teagasg
dhuinn gach ni a ta feumail gur deanamh glic
san t-saoghal so, agus sona san t-saoghal ri
teachd. Tha an sluagh nach cual riamh iom-
radh air, a dhìth eòlais air an Dia a chruthaich
iad, — air a lagh naomh agus fior-ghlan, — air
staid thruaigh an duine a thaobh nàduir, agus
air slàinte tre an Tighearn losa Criosd. Agus
air dhoibh bhi aineolach air na nithibli sin,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence