Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
38
Thig le Fiughair ri Freagairt do
Urnuigh.
Is ni iongaiitacli gu'm biodli e air a clieadachadh
do bhithibh cho peacach ùrnuigh idir a dheanamh.
'JSTuair a bheir sinn fainear ciod sinne agus ciod E
l)ia is ceart a dli'.f haodamaid a bhi fo bhall-chrith
's fo eagal gu'n diùltadh E sinn mur d' thugadh E
fein misneach dhuinn tighinn eadhon le " dànachd
gu righ-chaithir nan gràs," Cha 'n 'eil so a' ciall-
achadh gu bheil sinn ri teachd gun mhòr-urram
agus irisleachd, ach gu bheil sinn ri ùrnuigh a
dheanamh le làn-dhearbhachd gu freagair Dia sinn.
Tha iomadh cùis ann san deachaidh freagairtean a
thoirt do ùrnuigh. Rinn Heseciah ùrnuigh agus
armailt Shennacherib chaidh a bhualadh gu bàs.
Eliah rinn ùrnuigh agus thàinig teine anuas a cha-
itheadh 'iobairte. Rinn na h-Abstoil ùrnuigh agus
thàinig an Spiorad Naomh anuas orra le tìodhlac-
aibh miorbliuileach. Einn an Eaglais ùruuigh,
agus bha Peadar air a theasraigainn o 'n phrìosan
leis an aingeal. Cha 'n 'eil sinn ri fìughair a bhi
aguinn gu faigh sinn na tha sinn ag iarraidh a
thaobh na beatha so a ta 'làthair ; oir tha sinn gu
tric ag iarraidh ni a dheanadh cron dhuinn. Faod-
aidh sinn a bhi cinnteach co dhiùbh gu 'n toir Dia
dhuinn an nì a 'ò' fearr. Ach 'nuair a tha sinn
ag iarraidh bheannachd air son ar n anamanna, —
maitheanas naomhachd agus slàinte, — faodaidh
sinn a bhi h\n chinnteach gu faigh sinn freagairl
oir tha e air innse dhuinn ma dh' iarras sinn ni aii
bith areir toile Dhe, gu 'n eisd E ruinn ; agus ths
e air ìnnse dhuinn mar an ceudna gu bheil Die
toileach gu 'm *' biodh na h-uile dhaoine air ar
tearnadh." Thubhairt losa " larraibh agus bheir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence