Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
35
t-uii-uasbliiiidhean dlia ] Orra sin tha fios sige
cheana. Gun an dragh so uile is urrainn duit a
thuigsinn a leigeadh dha gu'r maith leat gu'n
tearnadh E thu. Smuainich air, leig le fabeach-
duinn a bhi a'd' chridhe d'a tliaobh, agus leig le
d' eigheach dol a suas d'a ionnsuidh, dìreach mar
gu'm biodh tu 'g a f haicinn. Bi cho dùrachdach
's ged bhiodh domhlachd sluaigh mu'n cuairt air,
troimh 'n robh thu 'miannachadh briseadh. Glaodh
ris mar a rinn an dall, a ghlaodh amach ged nach
fac se E " losa a Mhic Dhaibhi dean tròcair orm."
Tha thu ni 's fearr dheth na iadsan a bh'ann 'n uair
a bha E air thalamh. Bha acasan ri dol air thurus
fada. Air uairibh cha'n fhaigheadli iad dlù dha
le domhladas sluaigh ; ach faodaidh tusa 'f haotuinn
cho mòr dhuit fein 's ged nach biodh peacach eile
ann aig an robh feum air. Tha e a ghnà am fagus
's an astar cluinntinn ; agus ged nach urrainn duit
'fhaicinn. Tha Esan ga d' fhaicinn-sa, tha E
fiosrach air t-uile f haireachdainn 's a' chiinntinn na
tha thu 'g ràdh. Is e teachd gu losa iarrtus an
anama d'a ionnsuidh. Is e bhi 'faireachduinn ar
peacaidh 's ar truaighe ; a bhi a' creidsinn gu blieil
e toileach agus comasach maitheanas, comhfhurt-
achd agus slàinte a thoirt dhuinn ; a bhi 'g iarr-
aidh air ar cònadh 's a bhi 'g earbsa as mar ar
caraid. A bhi 'g altrum nan ceart f haireachduinn
agus iarrtus 's ged bhiodh e gu faicsinneach san
làthair 's gu'n tigeamaid 's gu 'n aslaicheamaid air
ar beannachadh, is e sin tighinn d'a ionnsuidh,
ged nach faic sinn a ghnuis agus nach cluinn sinn
a ghuth. A pheacaich bhochd ! d'f hìor iarrtus air
son maitheanais d'urnuigh, " losa teasraig mi" — is
e so tighinn d'a ionnsuidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence