Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
33
ain meadhon." A leughadair, tha e 'm fagiis
dliuitse. Anis am feadh a tha do shùil a' leughadh
an taoibh so, tha E a' seasamh dìreachri d' thaobh.
Tha E a' ciir cagair a' d' clilnais. Tha E a' toirt
CTJiiridh dhuit E ftin iarraidh. JMa tha thu
'miannachadh 'f haotuinn cha 'n 'eil astar fad agad ri
dol — no ùine mhòr agad ri feitheamh mu 'n ruig do
ghuidhe E. Tha E ni 's dlùithe dhuit n' an caraid
a tha 'na shuidhe ri d' thaobh oir tha E aig dorus
do chridhe a' bualadh gu dol asteach. Ge b' e àite
an teid thu tha E 'ga d' leantuinn 's a lamhan làn
bheannachd a tha E 'tairgsinn dhuit gu saor.
" Tha E a' cuartachadh do cheum agus do luidhe
sìos ;" ach is ann a ghnà gu maith a dheanamh
dhuit. Anns a' mhaduinn tha e 'na sheasamh aig
taobh do leapa a tairgsinn do sgeadach le chulaidh
ghil fìreantachd ; agus 'n uair a tha thu a' d'
shuidlie aig a bhòrd, tha E 'g iarraidh ort itheadh do
aran sin na beatha a thearnas d' anam o 'n bhàs.
Tha e cho dlù 's gu 'n toir e fainear do cheud
oidhirp f hann gu teachd d' a ionnsuidh 's gu 'n sin
E amach a làmh gu d' chònadh. Tha e cho dlù 's
faic E ceud deur an aithreachais agus gu 'm beir E
air do cheud osunn air son maitheanais. Tha E
cho dlù " 's gu freagair E mu 'n glaodh thu 's am
feadh a tha thu f hathast a' labhairt gu 'n cluinn
E. A pheacaich c' ait air bith am bheil thu, tha
losa 'n sin ; ion 's anns 'na h-uile duthaich 's anns
gach uile chor, a là 's a dh' oidhche, aig an tigh 's
uaithe, gu faod thu tighinn gu losa !
Eaic Sahn cxxxix. ; Is. Ixv. 24; Mat. xviii. 20;
xxviii. 20; Eoin xiv. 18—23.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence