Skip to main content

‹‹‹ prev (223)

(225) next ›››

(224)
208 AN T-EILEANACH.
a ghualainu. Cliaidh an dithis seachad air 's iad na'ii
ruith, gun uiread agus bruidhinn ris.
Cha b' urrainn do 'n t-seann duine choir ruith, ach
dh' fhalbh e na'n deigh cho luath 's a b' urrainn dha.
An uair a rainig na fir far an robh am mart 'n a
seasamh, thubhairt Eachann ri Fionnladh nach robh
aige ach luaidhe chaol anns a'ghunna's gu'm feumadh
e peileir a chur innte. Leig e an urchair a bha innte
anns an adhar agus thug e peileir as a pliòca agus
shuain e an crioman paipeir e, a' toirt an aire aig a'
cheart am nach b'e an crioman paipeir 's an robh am
peileir a chaidh 's a' ghunna ach crioman paipeir gun
pheileir idir. Thog e an sin an gunna ri 'sbùil, ach
'am priobadh na siila thuit a lamh 'san gunna ri
'chliathaich. Thionndaidh e ri Fionnladh agus thubh-
airt e, " Tha mi faicinn seachd adhaircean oirre."
"Ged a bhiodh seachd deug oirre," arsa Fionnladh,
" càirich rithe a h-uile srad ! "
Thog Eachann an gunna ri 'shiiil a rithist agus loisg
e air a' mhart. Cha d' rinn am beathach bochd ach a
ceann a chrathadh.
Thàinig Fear a' Choire 'fhein an sin am measg na
cuideachd agus thubhairt esan, "Is fada bho 'n a cliuala
mi mu chothrom Lachuinn air an reithe, ach tha 'n so
againn cothrom Eachainn air a' mhart ! Leig a stigh
am mart, Fhionnlaidh, agus tog d' ad sheann amaid-
eachd!"
" Rachadh i stigh no mach," arsa Fionnladh, " tha
mise cuidhte 's i. Cha teid deur de bhainne na beiste
'am bheul-sa, no 'am beul aon de 'm chuideachd air an
tsaoghal so !"

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence