Skip to main content

‹‹‹ prev (210)

(212) next ›››

(211)
AN T-EILEANACH. 195
MAC FIR A' CHOIRE.
Tha ann an aon de na h-eileanan Earraghaidhealach
àite ris an abair iad an Coire Gorm, agus b'e Eachann
a b' ainm do 'n mhac a b' oige bli' aig Niall, fear a'
Choire.
Theireadh cuid gu 'n robh Eachann air a mhilleadh
le 'phàrantan agus le daoine eile, agus nach ruigeadh a
leas fiughair a bhi aig neach gu 'n tigeadii turn maith
uaith air aghaidh an t-saoghail so. Acb biodh sin mar
a thogras e tha aon ni cinnteach agus 'se so e, gu'n
roljh Eachann cho Ian innleachdan — agus de droch
innleachdan cuideachd — 's a bha 'n t-ubh de 'n bhiadh.
Cha rachadh tàmh no fois air ach a' cluich chleas air
cuid-eigin, agus bha e cho dòcha gur ann air 'athair a
thòisicheadh e ris a' bhalachan bhuachaille. Ach 's e
deireadh gach comunn sgaoileadh, agus thàinig an t-am
's am feumadh Eachann falbh agus rud-eigin ionnsach-
adh leis an coisneadh e a Ion saoghalta coltach ri daoine
eile, chionn cha b' urrainn da bhi daonnan an Tigh
a' Choire. Chualas gu 'n robh Eachann a' falbh do 'n
àirde deas, agus gur ann a dh' ionnsachadh na
doctaireachd a bha e 'dol.
"Oeudail! b'e sin doctaireachd na dunach," arsa
MàiriMhòr, "niarbhaidh e daoine." Mharbh e coileach
air Màiri beagan roimh so le bhi 'ga thumadh 'san
stuth anns am biodh iad a' tumadh nan caorach.
Bha seann duine coir anns a' bhaile ris an abradh iad

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence