Skip to main content

‹‹‹ prev (182)

(184) next ›››

(183)
AN T-KILEANACH. 167
AIR AX FHEILL.
Las gatlian soills o glirèin na Bealltainn,
Bar uam beann 's a' mhaduinn inboich,
'S na speuran àrd gun neul r' a fhaicinn,
Threig an ceo gach glac 'us cnoc,
Eoin na mara cuir ri cluich,
'S am faileas ann an uchd an t-sàil,
'S a cumail fad na laimhe bh' uainn,
An uair a cliual iad fuaini nan ruinb.
Ged nach do sheid an t-adhar deo,
A bheireadh seòl o chrann,
CJiuir spionnadh dhorn 's na gillean deonacb,
Astar mòr o ceann,
Cha robh air fear greasaid feum,
'S ann air an fheill bha 'miann,
Rinn claudain clag air àbarainn,
'S bha steall o bharr nan liadh.
Chluinnte geum o 'n spreidli air aineol,
'S iad a' tional air gach taobh,
Buachaillean gu luath ga 'n grabadh,
'0 dhol dachaidli leis na laoigh,
Chit' fad mhiltean taobh na mara,
Marcaichean a' tigh'n na 'n deann,
"S grunnan dhaoine 'n sud 's an so,
'S moran dhiubh gun ghnothach ann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence