Skip to main content

‹‹‹ prev (159)

(161) next ›››

(160)
144 AN T-EILEANACH.
Mu dh' fhàgas mi leat fheiu thu,
'S ann clh' èiscleas tii ris gach cagar,
Cha 'n fhaiceadh tu, cha lèir dhuit,
Na seudan ged robh mu d' chasan,
Cha tog thu h-aon.
B' e mo mhiann a thoirt a' d' chuimhne,
Am bard a sheinn 's a' Bheurla,
'S eòlach thu air pàirt d' a rainn,
Oir bha thu 'n raoir g' an leughadh,
Bidh cuimhn' agad mar chaidh do'n luch
'N uair thainig sochd a' chroinn oirr',
'S mar ghabh e duilichiun mu 'n rud
Le tuiteamas a rinn e;
Air creutair bochd.
Na caill sealladh air an ni so,
Ach cuir RIGS air clàr e,
Oir 's ioma firinn tha ann fillte,
Na di-chuimhnich gu bràth e,
Gur ann a bha e 'g iarraidh rochd
Air cladach crosd le 'bhàta,
S gach bogha air an deach e fodha,
Dh' fhàg e boll' air snàmh ann,
Gu d' chumail-s' as.
'S leith-sgeul gasda leis a' ghealtair,
Chionn nach cleachd e 'n fhirimi,
Nach robh e ceart 's a h-uile car,
An neach a rinn e innseadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence