Skip to main content

‹‹‹ prev (121)

(123) next ›››

(122)
106 AN T-EILBANACn.
Volwiteers a' ruith 'n an deannaibh
Le 'n cuid dhagaichean, 's iad Ian.
Gu 'n robh 'n t-adhar aii' a mliùchadh,
G' a dhaladh le toit an f hiidair,
'S cha robh a leithid aig Corùnna,
Mu 'n deachaidh a' bbrùit an sàs.
Feamainn 'us clachan a' cbladaich,
Air am froiseadh feadh a' bbaile,
Daoin' an impis bhi g' an spadadh,
Leis a' chath a bh' air an tràigh.
Ròpaichean cainnb 's Manilla,
Slabhruidhean iaruinn g' a ceangal,
Fuirc, 'us gràpaichean, 'us speallan,
'S iad g' an sparradh innt' an sàs.
Tha na marsantan dhetli duilich,
O' n a bhriseadh an cuid uinneag ;
Bhuail i clach air Baldaidh Burraidh,
'S cbaidh e 'burralaich troinili 'n t-sràid.
'N uair a fhuair iad i 'n a sineadh,
Air a ceangal làidir, cinnteach,
Dh' òrduich uachdaran na tire,
Do na daoine, dinneir 's bàl.
'N uair thoisich deiseachadli na cuirme,
Gur a mor a bh' ann a dh' iorguill.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence