Skip to main content

‹‹‹ prev (291)

(293) next ›››

(292)
276 AN T-EILEANACH.
beag aige gu falbh leis gus am fàsadh e fhein eolacli.
Shin fear an stoir dlia botul, agus thuirt e ris ol. Air
fad 1 ars' an Cartan. A. h-uile deur dheth, ars' am fear
eile, cha- teid sin a' d' cheann. Ach an nair a dh'
fhuasgail e an t-sreang dheth, cha do dh' fhuirich deur
dheth nach do spread 'n a shiiilean, agus an uair a sheall
e mu 'n cuairt air, ars' esan, nach be 'm fortan a shàbh-
ail mi nach do dh' òl mi stuth an uamhais. Thugadh
an so am barra air lom, ach cha do chord e idir ris a'
Chartan. Cha 1j' e sud an seorsa barra bh' aca 's a'
Ghàidhealtachd. 'S ann a bha sud ni bu choltaiche ris
a' chairt iiir a fhuair Lachunn nan sgrath, agus dh'
fheumadh e bhi 'dol an com hair a chùil ann, direach
mar a chuireadh Lachunn an hiir bhàn anns a' chairt.
An uair a fhuair e a bhuclachadh anns gach crios 'us
iall a bha 'n crochadh ris a' bharra, sheall e mu'n cuairt
air 's cha robh e idir toilichte. 'S ann a bhuail an
t-eagal e, gu 'n robh e dol a dh' atharrachadh cruth
mu 'n tigeadh am has idir air. Agus bha an asail 's i a'
slaodadh a' bharra ghuail, mar a dh' ainmich Ruairidh,
a tighinn tuilleadh 's a choir teann air tachairt. Kacli
ann air an t-saoghal a thàinig e 'n uair a bhiodh mac
mo mhàthar 'us m' athar air a chuir ann an cairt mar
gu 'm biodh seann each odhar ann, ars' esan, agus thilg
e uaithe am barra. Dh' fhàg e 'n stòr 's na bh' ann an
sud, 'sthug e dhachaidh air, agus cha do dh' fhuirich e
an Glaschu ni b' fhaide na b' eudar dha. Ach so mar
a chuir Iain Mac Ailein air dòieli

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence