Skip to main content

‹‹‹ prev (272)

(274) next ›››

(273)
AN T-EILEANACH. 257
Sgeachag, agus e gu math ami cuideachd. CLa 'n 'eil
fios again co dhiubh Vjha e cumail sgalaig no nach robh,
ach leigidh mo naigheachd a thuigsinn duibh gu'n robh.
e a gleidheadh searbhanta; agus bha DCighall Mac
Phara Bhàin a' deanamh a leithid eile. Thachair air
bliadhna shònraichte gu 'n robh eorna an cur aca air
an lianaig rainich os cionn nan tighean, agus is e
thachair air latha araidh anns an fhoghar gun robh iad
le cheile mach a' buain an eorna. Cha robh ach clais
an iomaire de chrich eadar riutha. Bha nighean og
na searbhanta aig Dùghall Mac Phara Bhàin ris an
abradh iad Iseabal Sheumais. Bha searbhanta aig
Eachann Beag ris an abradh iad Mòr Bheag, na'n
' 'Tuilmein." Is e sin a bu bhitheanta gheobhadli i — far-
aiam a bha aca oirre a chionn gun robh i cho leathan
's a bha i fada. Bha hiig aig a' cheathrar air buain an
eorna agus iad a' seanchas ri cheile, an uair a thuirt
Dùghall ris an t-searbhanta aige fhein, 'Iseabal,' ai*s'
esan, 'falbh suas agus bheir thu nuas thugam a' chlach-
gheurachaidh a dh' fliàg mi air a' chàru aig bhràighe an
iomaire.' Dh' fhalbh i suas air toir na cloiche. An
uair a ràinig i an earn chrom i a thogail na cloich-
gheurachaidh, ach am priobadh na sul bha i a' teieheadh
air falbh o'n charn, agixs cha robh sgriach a bheireadh
i aisde nach faodadh tu chluinntinn air taobh eile an
loch. Dh' aithnich na daoine eile gu math de bha
ceàrr, agus ann an ùine na 'slugha na ghabnas e ga
innseadh bha iad shuas aig a' charn. An uair a ràinig
Eachann Beag — is e bha air thoiseach agus a choran
na làìmh — bha nathair mhor, bhreac, ruadh a' slaodadh
a h-earbuill a stigh fo'n chloich. Rug e air a' chloich

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence