Skip to main content

‹‹‹ prev (253)

(255) next ›››

(254)
238 AN T-RILEANACII.
Ghàidhealtachd blio 'n a bha e da-bhliadhna-deug a
dhaois, an uair a thàinig esan gu oighreachd a shinsir-
eachd, agus a thàinig e fèin s'a bhean — ban-Sasunnach —
dhachaidh do 'n TigÌi-bhàn a dh' fhuireacli ann, mar a
bha fiughair aig daoine, cha do dh' fhuireach iad ach sè
seachduinean an xtair a dh' fhalbh iad, agus mar a bha
chailleach a bh' aig Fionnladh, "Cha'n fhacas riamh
tuilleadh iad." Dh' fhàg e riaghladh na h-oighreachd
aig Pàruig fad-chasach mac fir Ghlaic nan Lùnn,
oighreachd bheag a bha 'n crich ri Druim a' Challtainn.
Bha Pàruig an deigh tighinn dhachaidh bhàr na
Galldachd, far, mar a theireadh daoine, an do dh'
ionnsaich e beagan lagha agus mòran cealgaireachd.
Fhuair Pàruig riaghladh gach gnothaich a bh' ann 'n a
himhan fhein, agus jDUigheadh math air a shon.
Thàinig tuathanach thar tir-mor, do'n Tigh-bhàn, a
bha na dhuine cruaidh, firinneach. Chaidh cliteag ri
croit agus chaidh croit ri cliteag, agus chaidh tighean
luchd-obair a thogail aig an Fhaoilinn-bhig, oho teann
air an loch agus na 'm biodh slat-iasgaich fhada agad
gu 'm faodadh tu bhi ag iasgach as tu ad sheasamh 'san
dorus. Agus, ma b' fhior Dughall Ban, dh' f heudadh
tu a bhi na bu chomhurtachaile na sud cuideachd.
B' fheudar dhasan a' chroit a bh' aige thoirt suas agus
dol sios do na tighean ùra. Agus anns an earrach
mu 'n d' fhàg e 'chroit bha e ag ràdh mar a leanas.
GRAN DHUGITAILL BHAIN.
Air Fonn : — "H ho ro, gu'n (V fhalbh an othaisg.'"
Sbisd: — E ho ro, 'sann orms' tha'm fadal,
E ho ro, 's ann orms' tha 'm fadal.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence