Skip to main content

‹‹‹ prev (246)

(248) next ›››

(247)
AN T-EILEANACH. 231
an sud da-rireadh. Mnathan a glaodhaich gus an saoil-
eadh tu gu 'm bi h-uile mionaid a' mhionaid mu dheir-
eadh aca. " Marbhaidh iad a cheile," ars' a bhean.
'"Sioma call bu mbodha bha 'n Cuilfhodair," arsa
Dùghall.
" Tha 'n t-Eirionnach mor air an daoraich an nochd
a rithist 'us marbhaidh e a bhean. Tha i glaodhaich
mort aige." arsa bean Dhugaill.
" 'S iomadh uair a ghlaodh i sin o Nollaig so chaidhe 's
cha'n'eili morta fhathasd," arsa Dùghall. "Thiga
stigh 's diiin an uinneag sin — na caomhaineadh iad a
cheile, ged a mhorta leth-chiad dhiubh cha 'n ionndrainn
thii as an t-sràid iad air oidhche Di-sathuirne ged is
math a thigeadh am bail' as an ioghnais. Diiin an
uinneag air a mhionaid — 's ann a tha iad a' cuir sgreat-
achd orm, an darna te ag glaodhaich air iSTi Math 's an
te eile ag glaodhich air a' })liolicenum" Dhiiin a bhean
an uinneag, 'us thòisich Dìighall a rithist.
Tha mi lb chùram mu chor na dù-u-u —
" Chuala mi gu 'n d' thàinig Niall Mac Eoghainn a
mach leisa' "Chlaidheamh mhor "* an la roimhid," ars'
a bhean. Cha d' thubhairt esan diog.
Tha mi fo chii-r-r-r —
" Tha iad a f aotainn moran sgadan aig an tigh an
dràsd," ars' a bhean.
" Nach math sin," ars' esan.
Tha mi fo chùram mu chor na dùthcha,
'S na daoine cliùiteach a bh' innte riamh —
* Steamer " Claymc

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence