Skip to main content

‹‹‹ prev (233)

(235) next ›››

(234)
218 AN T-EILEANACH.
Tha do bhàt' am briugli' an Liath.phuirfc,
Mu thug i 'bhliadhn' ami, thug i còig,
Thèid a tearradh 'sbidh i dionach,
A dhol a dh' iasgach 'n linne Leòdhais.
Ach mu 'n dh' fhalbh thu rinn thu 'n dunaidh,
Na h-innsibh do dhuine cò,
Dh'ith thu 'n t-ubh a rug an tunnag,
Anns an lub, air Eachunn mòr
Ach coma co dhiubh, fhuair Dòmhnull-nan-greallag
bean, ged nach d' fhuair e Mòrag, agus bu mhath an
airidh oirre e cuideachd. Chaidh iomadh bliadhna
seachad bh' iiaithe sud, gus an d' thàinig a' bhliadhna
bha 'n Exhibition ann an Glaschu. Thachair gu 'n robh
bean Dhòmhnuill-nan-greallag a mach air cheilidh feasg-
ar agus 's e an naigheachd a bh' aice do Dhòmhnull
'n uair a thàinig i 'stigh, gu robh a h-uile duine 's a'
bhaile, agus gach neaeh anns a' bhaile a b' fhaisge
dha, a falbh do Ghlaschu nam biith, air Dir-
daoin so tighinn. "Cia mar tha iad a' del a dh' fhaot-
ainn annl" arsa Dòmhuull. "Tha'm bàta tigh'n gu
ceithe Choircinnis air oidhche Di-ciadainn," ars' a'
bhean; "fàgaidh i sin moch Dir-daoin, agus taghlaidh
i aig Rudha-nan-dòirneag, agus tha na bàtaichean ri
dhol na 'n coinneamh leis na daoine. Bheir i air bòrd
iad agus bheir e air an ais iad gu slàn sàbhailt feasgar,
agus f àgaidh i far an d' fhuair i iad." " 'S ann a tha na
daoine air a' chuthach," arsa Dòmhnull. " Nach aotrora
an galar dhoibh e," ars' a' bhean, " agus gabhaidh sinne
an cuthach agus falbhaidh sinn còmhla riu," "Ane
mise," arsa Dòmhnull, "a dh' fhalbh do Ghlaschu agus
gun facal Beurla ann am cheann, 's ann a tha thu 'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence