Skip to main content

‹‹‹ prev (219)

(221) next ›››

(220)
204
AN T-EILEANACH.
lonnaii clia 'n ann a nunn thar Bealach nan sgolb a
bheir iacl e ! " agus le sin a ràdh dh' falbh e a stigli
agus thòisich e air fuaghal osan na briogaise cùbhrainne
ri solus coinnle, mar a bha e roimhe.
An la 'r na mhàireacli bha an luchd-oibre aig Fear a'
Choix'e macli air achadh bliuana agus an t-airean air an
ceann. An uair a thòisich am feasgar air dluthachadh
riutha, bha an t-airean, agus e air sanas fhaotainn
roimh làimh bho Eachann, a'cumail a shùil 'san
t-soirbheas a bha tighinn air o bhàrr na coille. Bha
Eachann thall an sud agus builg de phaipeir glas aige,
agus an uair a sheideadh e na builg ud leis an stuth a
bha e 'cur annta, ghabhadh iad cumadh duine no
cumadh beathaich mar a mhiannaicheadh e; ach 's e
cumadh mairt a chuir e suas air an fheasgar so.
An uair a chunnaic an t-airean an rud a bha siiil
aige ris, thubhairt e ris an f headhainn a bha mu 'n
cuairt air, " Clod e an t-eun niòr a tha thall os ceann
na Coille-bige an sud Ì "
"B'e an t-eun mor gu dearbh e," arsa cuid-eigin.
"Mata," ars' Alasdair mor, "Co dhiubh 'sann a
thaobh an t-saoghail so na nach ann, 's e mart odhar a
tha 'n sin."
Bha Fionnladh a' chùbair 'n a sheasamh agus sguab
anns gach achlais aige, agus e sealltuinn gu geur air an
rud a bh' ann agus a chruth ag atharrachadh mar bu
tinne bha sud a tighinn air. " Tha an sin," ars' esan,
" am mart odliar agamsa."
" Ma ta ma 'si," ars' an t-airean, " 's e Colasadh tha
'n a beachd an nochd ! "
"O, nach ann as a thàinig e seana-mhathair ! " arsa

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence