Skip to main content

‹‹‹ prev (211)

(213) next ›››

(212)
196 AX T-EILEANACH.
Calum Tàillear, na Calum Peanseanair 's e bu bhith-
eanta theiveadh iad ris. Bha e bliadhna thar fhichead
ann an arm an Righ, agus ge b'e 'sam bith eile a dh'
ionnsaich e ann, dh' ionnsaich e an tàillearachd, agus
thàinig e dhachaidh gu dùthaich 'òige agus bha e 'na
thaillear anns a' Choire Ghorin.
Bhitheadh Eachann a' Choire gu math ti'ic air
cheilidh air Calum. Bha mòran sgeulachdan aige,
agus bu mhath a rachadh aige fein air an innseadh,
agus, neo-ar-thaing, ranndachd — agus bha Eachann
gle ghaolach air na gnothaichean sin air fad, Thàinig
e air feasgar sònraichte a dh' fhàgail beannachd aig
Cahmimu'm fàgadh e an diithaich. "Am bheil an
ceum so gu Galldachd, Eachainn Ì " arsa Calum.
"Mur am bheil, cha 'n fhada gus an uair a bhith-
eas!" arsa Eachann.
"Ma ta," arsa Calum, "is iomadh rann-sgeul faoin
gun bhrigh ris an d' eisd sibh uamsa bho cheann
iomadh bliadhna, ach tha rann no dha an so agus bu
mhath leam sibh g' an ionnsachadh agus gu 'm bi iad
agaibh nan cuimhneachan orm. Cha bhi raise daonnan
's a' Choire Ghorm na 'smo na sibh fhein."
"Cha chreid mi gu 'n di-chuimhnich mi iad aon uair
'sgu'm faigh mi greim orra!" arsa Eachann; agus
sheinn Calum dha na rannan a leanas : —
DOIRE NAN DOS UAIXE.
AlK FOXN. — "Cuachag nan craohh."
Leum mi gu bith, car mar gun fhios
Sheall mi air lios àillidh,
Togar ua h-òig, sona gu leòir ;
'S gun agam do bhròn àite.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence